Gaelic Gàidhlig

Do chòir cothruim

Chan e a-mhàin gur e dùthaich mhìorbhaileach a th' ann an Alba airson am blàr a-muigh a mhealtainn, ach tha sàr reachdas againn cuideachd a tha a' toirt cead dhan mhòr-shluagh faighinn air a’ chuid as motha den talamh is uisge.

Tha na còirichean slighean dùthchail seo a' buntainn ri dùthaich na h-Alba san fharsaingeachd is iad a' gabhail a-steach coiseachd, baidhsagalachd agus gnìomhan neo-mhotairichte eile.

Ge bith càit an tèid thu, cuimhnich air ceuman sìmplidh a ghabhail gus cùram a thoirt dhan àrainneachd agus spèis a thoirt dha feuman dhaoine eile a tha ag obair air an talamh no a' mealtainn a' bhlàir a-muigh. Tha àiteachan ann cuideachd far nach eil na còirichean seo a' seasamh, nam measg taighean is gàrraidhean agus ionadan armailteach is raointean adhair.

Tha fiosrachadh iomlan mu na còirichean is na dleastanasan ri fhaighinn ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Am measg nan cuspairean tha molaidhean air campachadh agus stiùireadh air cuin as còir dhut do chù a chumail air taod. Tha an Còd cuideachd a' toirt stiùireadh sònraichte dha Stiùirichean Fearainn is Manaidsearan Cur-seachad.

Ma bhios tu a’ sgrìobhadh dad mu Chòd Slighean Dùthchail anns a’ Ghàidhlig, leithid fhoillseachadh clò-bhuailte, làrach-lìn no goireas eile, gheibhear suaicheantas agus teacs Gàidhlig agus Gàidhlig/Beurla airson luchdachadh a-nuas.

The text above is translated into English below: 

Your access rights

Not only is Scotland a fantastic country for enjoying the outdoors, we also have world class legislation which provides for public access to most land and water.

These access rights apply widely to Scotland's countryside and include walking, cycling and other non-motorised activities.

Wherever you go, remember to take some simple steps to take care of the environment and respect the needs of other people working on the land or enjoying the outdoors. There are also some places where these rights do not apply, including houses and gardens and military bases and airfields.

Full details of these rights and responsibilities are provided in the Scottish Outdoor Access Code. Tips on how to camp or when to keep your dog on a lead are just some of the topics covered. The Code also provides specific guidance for Land Managers and Recreation Managers.

If you are producing any written material about the Access Code in Gaelic, such as a printed publication, website or other resource, Gaelic and bilingual English/Gaelic logos and texts are available for download.

Find out more

Scottish Outdoor Access Code - Gaelic summary - leaflet

Scottish Outdoor Access Code - other languages

Other best practice Codes

Last updated: