Gabh tlachd ann an dùthaich na h-Alba. ’S e àite fìor mhath a th’ ann, a tha a’ cur ri mathas do bheatha, ri do shlàinte agus ri d’ eòlas air an àrainneachd agus do thlachd innte. Tha a’ chòir aig a h-uile duine a dhol air a’ chuid as motha de dh’fhearann agus de dh’uisge airson chur-seachadan agus foghlam, agus airson siubhail bho àite gu àite, cho fad ’s a tha iad cùramach. Tha na còraichean agus dleastanasan seo air am mìneachadh ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.
Fios air do chòraichean-slighe …
Tha còraichean-slighe a’ gabhail a-steach tòrr chur-seachadan, mar eisimpleir:
- cur-seachadan neo-fhoirmeil, mar chuirmean-cnuic, togail dhealbhan agus turasachd;
- spòrsan, mar choiseachd, siubhal air baidhsagail, marcachd, cunùadh agus campadh anns an fhàsach;
- gabhail pàirt ann an cur-seachadan agus foghlam;
- dìreach a’ siubhal bho àite gu àite.
Chan eil na còraichean-slighe seo a’ buntainn ri gnìomh-carbaid sam bith (ach a-mhàin cothroman-slighe do chiorramaich) no ri sealg, losgadh ghunnaichean no iasgach.
Tha còraichean-slighe rin cleachdadh air feadh a’ chuid as motha de dh’Alba, bho phàircean ann am bailtean agus lìonra shlighean gu na beanntan agus coilltean, agus bho thalamh àitich agus iomall achaidhean gu na tràighean, lochan agus aibhnichean. Ach chan eil còraichean-slighe rin cleachdadh anns a h-uile àite, leithid thogalaichean no dìreach mun timcheall orra, no ann an taighean agus na gàrraidhean aca, no air a’ chuid as motha de dh’fhearann far a bheil bàrr a’ fàs.
Fios air a’ Chòd mus falbh thu …
Le còraichean-slighe thig dleastanasan cuideachd, a tha air an làn-mhìneachadh ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Ach ’s e tùr an rud as cudthromaiche. Feumaidh tu cùram a ghabhail airson na tha thu fhèin a’ dèanamh. Cuideachd, feumaidh tu urram a thoirt do mhath dhaoine eile agus feumaidh tu coimhead as dèidh na h-àrainneachd. Dè tha seo a’ ciallachadh?
Nuair a tha thu air an dùthaich, feumaidh tu:
- cùram a ghabhail airson na tha thu fhèin a’ dèanamh – Tha e math a bhith a’ gabhail tlachd anns an dùthaich, ach tha e cuideachd na àite-obrach far a bheil tòrr chunnartan nàdarra. Dèan cinnteach gu bheil fios agad mun deidhinn agus gu bheil thu gad ghiùlain fhèin gu sàbhailte. Lean comhairle reusanta sam bith agus bi tuigseach mu fheuman dhaoine eile a tha ag obair no a’ gabhail tlachd anns an dùthaich.
- a bhith mothachail air prìobhaideachd agus fois dhaoine eile – Tha prìobhaideachd cudthromach dhan a h-uile duine. Na cuir eagal air daoine, gu h-àraid tron oidhche. Cùm air falbh bho thaighean agus gàrraidhean prìobhaideach, agus cleachd frith-rathaidean no slighean.
- taic a thoirt do thuathanaich, uachdarain-fearainn agus do dhaoine
eile a bhith ag obair gu sàbhailte agus gu h-èifeachdach
– Cùm fada gu leòr air falbh bho obair sam bith agus
thoir d’ aire air sanasan a tha a’ toirt rabhadh dhut mu obraichean
cunnartach, mar leagail chraobhan agus frasadh bàrr. Thoir feart
air na leanas:
- fàg geataichean mar a lorgas tu iad;
- na cuir chnapan-starra no bacadh air slighean a-steach no air frith-rathaidean;
- lorg slighe eile seach dol tro achadh le beathaichean ann;
- na bi a’ biadhadh bheathaichean;
- lean comhairle ionadail gus am bi fios agad gu bheil losgadh agus sealg a’ dol air adhart;
- na dèan cron air feansaichean no ballachan; agus
- na dèan cron air bàrr. Cleachd frith-rathaidean, slighean no iomall achaidhean, no siubhail air talamh anns nach deach bàrr a chur.
- coimhead as dèidh na h-àrainneachd –
Tha an àrainneachd a’ cur gu mòr ri mathas beatha
agus slàinte a h-uile duine. Tha e cudthromach:
- gun lean thu comhairle agus fiosrachadh reusanta sam bith;
- gun toir thu dhachaigh leat do sgudal;
- gu bheil thu cùramach, a’ fàgail àiteachan mar a lorgas tu iad;
- nach cuir thu dragh air beathaichean fiadhaich no
- nach dèan thu cron air àiteachan eachdraidheil.
- smachd ceart a chumail air do chù – Ma tha cù leat, tha e glè chudthromach nach cuir e dragh no bruaillean air daoine eile. Na leig dha a dhol a-steach air achaidhean far a bheil laoigh no uain, agus cùm air iall ghoirid e no fo smachd teann nuair a bhios tu ann an achadh le beathaichean eile. Ma tha crodh a’ dol a thoirt ionnsaigh air do chù, leig ma sgaoil e anns a’ bhad agus lean an t-slighe as sàbhailte a-mach às an achadh. Dèan cinnteach nach cuir thu fhèin no do chù dragh air eòin air an nead. Tog salchar a dh’fhàgas do chù ann an àite sam bith far an seasadh daoine air.
- a bhith air leth cùramach nuair a tha thu a’ cur tachartas air dòigh no ma tha thu a’ ruith buidheann no gnìomhachas – Leugh an Còd air fad no faic ar làrach-lìn airson fiosrachadh mu do dhleastanasan.
Ma tha thu nad thuathanach, nad uachdaran-fearainn no cuideigin a tha a’ stiùireadh fearann-dùthchail, feumaidh tu smaoineachadh air feuman dhaoine a bhios a’ gabhail tlachd anns an dùthaich. Feumaidh tu:
- urram a thoirt do chòraichean-slighe – Tha còraichean-slighe a’ buntainn ris a’ chuid as motha de dh’Alba. Mar sin, na cuir bacadh mì-reusanta air daoine air an fhearann no air an uisge agad. Na glais geataichean ach nuair a tha e riatanach airson slàinte no sàbhailteachd nam beathaichean agus na cuir feansa thar frith-rathad gun a bhith a’ cur geata ann airson slighe a-steach. Tha togail fhrith-rathaidean na dhòigh mhath air stiùireadh-fearainn agus còraichean-slighe a bhrosnachadh aig an aon àm.
- a bhith reusanta nuair a dh’iarras tu air daoine a bhith a’ seachnadh àite sònraichte fhad ’s a tha thu ag obair – ’S fheàrr le daoine iarrtasan modhail reusanta. Mar sin, na cùm ceuman sàbhailteachd ann ach airson na h-ùine as giorra. Innis do dhaoine mu slighean eile agus mìnich dhaibh carson a tha casg air an t-slighe àbhaisteach. Thoir air falbh fiosrachadh nach eil ceart tuilleadh.
- obair leis an ùghdarras ionadail agad agus le buidhnean eile gus stiùireadh an fhearainn agus còraichean-slighe a bhrosnachadh aig an aon àm – Ann a bhith a’ cur fàilte air daoine agus a’ co-obrachadh leis an ùghdarras ionadail agad, no le ùghdarras na pàirce nàiseanta, gheibh thu taic bho dhaoine eile gus cothroman-slighe a stiùireadh gu soirbheachail air an fhearann agad agus gus coimhead as dèidh na h-àrainneachd.
Ma tha uallach agad airson àiteachan ris nach eil còraichean-slighe a’ buntainn, mar iodhlann no fearann timcheall air togalach, bi mothachail air slighean àbhaisteach sam bith, agus obraich leis an ùghdarras ionadail agad, no le ùghdarras na pàirce nàiseanta, agus le daoine eile gus cothroman-slighe a leasachadh agus a stiùireadh.
Faigh a-mach barrachd mu do chòraichean-slighe agus do dhleastanasan – agus cuideachd mu chothroman-slighe agus slighean àbhaisteach – bho Chòd Slighean Dùthchail na h-Alba no bho www.outdooraccess-scotland.com. Ma tha duilgheadasan agad le slighean dùthchail – innis don ùghdarras ionadail no ùghdarras pàirce nàiseanta agad. (Faic an leabhar-fòn ionadail agad). Ma tha thu ag iarraidh lethbhreac den Chòd air fad, cuir fios gu Dualchas Nàdair na h-Alba (fòn 01738 458545 no post-d pubs@snh.gov.uk).
Tha barrachd stiùiridh oifigeil ri fhaighinn ann am foillseachaidhean
eile le suaicheantas Còd nan Slighean orra.Dealbhan le Lorne Gill/SNH,
ach ‘marcachd’ le George Logan/SNH
ISBN 1 85397 427 7
IA2K0205
