Western Isles

Hebridean Mink Project

| Roimh-Ràdh | Roimh-Ràdh cont.. | Mionc am Beathach | Ann an cunnart | Dleasdanas na Roinn Eòrpa |
| A' coimhead air a' chuis | Naidheachdan agus sian as ùr | Ceangaileachan |

Roimh-Ràdh

Chaidh a chiad phàirt den phlana glèidhteachais nàdair am Pròiseict Mionc nan Eilean Siar a’ steidheachadh ann a 2001 airson còig bliadhna agus a tha ag amas am beathach gallda, am mionc Aimearaigeanach a sgrios bho na h-Uibhistean agus àireamhan a lughdachadh anns an Hearadh, airson dìon a thoirt dhan àireamh eòin de bhrìgh eadar-nàiseanta a tha a neadachadh air talamh an sin.

Chaidh am pròiseict a chuir air bhonn còmhla le Dualchas Nàdair na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Comann Rìoghail Dìon nan Eun, Comhairle nan Eilean Siar, Seòmar-obrach Saidheans Meadhanach agus Iomairt nan Eilean Siar. Chosg am pròiseict gu lèir mu £1.65 millein.

Tha leth dheth a seo a tighinn bho stòras airgead nàdarra Eòrpach LIFE, prògram de thaic airgead a tha ag amas gus na làraich 'Natura' a’ dhìon a tha air an ainmeachadh fo Òrdugh Eòin Fhiadhaich agus Àrainnean a' Choimhearsnachd Eòrpach.

Tha an còrr den airgead air a thabhainn mar a leanas: £443,000 bho Dhualchas Nàdair na h-Alba, £150,000 bho Riaghaltas na h-Alba, £52,000 bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun, £100,000 bho Chomhairle nan Eilean Siar, £42,000 bho Seòmar-obrach Saidheans Meadhanach agus £35,000 bho Iomairt nan Eilean Siar.

Tha a’ chiad phàirt den Phròiseact Mionc Eilean Siar a-nis deiseil agus bho 2006 tha am pròiseact a-nis ag obair air an darna phàirt.

 


Tuilleadh

 

<< Back to About SNH
<< SNH Areas

About Us

Facts & Figures

Natural heritage

Links

News